Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0115TUAIRISGEUL:Sa chairt-phuist seo chithear Cala Sgrabastair faisg air Inbhir Theòrsa. Chaidh Taigh-solais Rubha Holburn a thogail ann an 1862 agus chithear e fad às an seo.
Bha an cala seo riamh cudromach do mharaichean sna tìrean mu thuath. Cha b' fhada gus an robh e aithnichte mar an t-slighe gu Arcaibh, Sealtainn agus na Dùthchannan Lochlannach. Thogadh an cala a th' ann an-diugh mu 1841 agus ann an 1856 bha aiseag eadar Sgrabastair agus na Dùthchannan Lochlannach.
Seach gu robh an cala cho cudromach do dh' iasgach an sgadain mus do ghabh cumhachd smùide thairis bho shiùil, bha e cudromach ann an eaconamaidh a chinn a tuath.
An-diugh, air sgàth 's cho math 's a tha an suidheachadh aige, 's e Sgrabastair am port iasgaich as luaithe a tha a' fàs ann am Breatainn. Tha an suidheachadh aige cuideachd a' ciallachadh gu bheil ceangal aige ri leasachadh Ola a' Chuain a Tuath. O chionn ghoirid chaidh cidhe ùr agus ionad uisge domhainn a thogailÀITE:SgrabastairSGÌRE:Gallaibh an IarSIORRACHD/PARRAIST:GALLAIBH: Inbhir TheòrsaLINN:1950anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32005KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath