Sealladh de dh'Inbhir Nis bho Dhrochaid Hunndaidh

Sealladh de dh'Inbhir Nis bho Dhrochaid Hunndaidh

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0147 TUAIRISGEUL: Sealladh de dh'Inbhir Nis bho Dhrochaid Hunndaidh. Thall air an taobh chlì tha Àrd-eaglais Shaor na h-Alba a tha na h-Eaglais Choluim Cille a-nis. Tha I air làrach seann taigh-ghrùdaidh. Chaidh a dealbhachadh agus a togail ann an cumadh "Perpendicular Gothic" le MacKenzie agus Mathews eadar 1851 agus 1852. Chaidh a droch mhilleadh ann an teine ann an 1939, ach chaidh a càradh eadar 1948 agus 1953 .. Ann am meadhan an deilbh, tha Stìoball Baile Inbhir Nis, a chaidh a thogail ann an 1791. Thall air an taobh dheas chithear Caisteal Inbhir Nis. Thogadh na togalaichean de chloich-ghainmhich a th' ann an-dràsta eadar 1833 agus 1836, a rèir deilbh a rinn Uilleam Burn à Dùn Èideann, ach bha caochladh dhaingnichean air an làrach bhon 11mh linn. An-diugh, tha an caisteal na ionad-rianachd agus na thaigh-cùirte. ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32042 KEYWORDS_GAELIC: