Muileann chotain Spuingeadail air cladach Caolas Dhòrnaich

Muileann chotain Spuingeadail air cladach Caolas Dhòrnaich

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0152 TUAIRISGEUL: Togalaichean na muilne ann an Spuingeadal air cladach a tuath Caolas Dhòrnaich. Chaidh muileann a' chotain a thogail mu 1790 le Seòras Dempster (aig an robh Oighreachd Sgiobaill) agus Daibhidh Dale. Chaidh a togail an seo airson cuideachadh le cion obrach is bochdainn san sgìre. Bha an làrach freagarrach airson a bhith a' dèanamh cotan oir bha a' ghnàth-shìde tais, bha allt faisge airson cumhachd uisge agus bha e faisg air a' mhuir airson cotan amh a thoirt a-steach. Ach air sgàth 's nach robh an luchd-obrach earbsach aig àm breith nan uan, àm an fhogharaidh no àm na mòna, cha do shoirbhich leis a' mhuilinn. Nuair a chaidh na togalaichean nan teine ann an 1806, cha deach an togail tuilleadh ÀITE: Spuingeadal SGÌRE: Dòrnach agus Craoich SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: Craoich LINN: 1930an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32048 KEYWORDS_GAELIC: