A' Prìomh Shràid san Luirg

A' Prìomh Shràid san Luirg

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0183 TUAIRISGEUL: A' Phrìomh Shràid san Luirg ann an Cataibh. Tha an Luirg aig ceann a deas Loch Sin, agus tha e air a mheas mar gheata gu ceann a tuath na Gàidhealtachd, oir 's ann an seo a tha na rathaidean gu tuath, gu deas, chun an ear agus chun an iar uile a' coinneachadh. Tha mu 900 neach a' fuireach ann, agus tha e na annas sa Ghaidhealtachd on is e an t-aon bhaile meadhonach mòr nach eil air a' chosta. Gu h-ìre bha seo air sgàth is gun do thogadh stèisean san Luirg anns an 19mh linn. Bha an Rèile a Tuath a' ceangal Inbhir Nis ri Inbhir Theòrsa agus Inbhir Ùige. An-diugh, tha am baile na àite cudthromach airson fèilltean reic nan caorach, agus bithidh cuid dhen fheadhainn as motha dhiubh san Roinn Eòrpa ann ÀITE: An Luirg SGÌRE: Goillspidh, Raoghard agus An Luirg SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: An Luirg NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32080 KEYWORDS_GAELIC: