Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0193TUAIRISGEUL: Caisteal Dùn Bheagain. Seach gu bheil am muir an ìre mhath mòr thimcheall air, tha Caisteal Dùn Bheagain air a dheagh uidheamachadh airson e fhèin a dhìon bho ionnsaigh. Chaidh tòiseachadh air an caisteal a thogail sa 15mh linn agus chaidh cur ris anns gach linn. B' e cathair Chlann icLeòid a bh' ann agus bidh mòran-luchd-turais ga thadhal an-diugh.
Tha an caisteal air a chuartachadh air trì taobhannan le creagan agus uisge Loch Dùn Bheagain agus air an taobh eile le dreàna dhomhainn, agus tha an caisteal furasta a dhìon. B' e an aon dòigh a-steach an geàta airson nam bàtaichean a bha a' coimhead dhan fhairge. Ann an 1748 chaidh drochaid a thogail a bha a 'dol tarsainn air an dreàna agus cha robh feum air a' gheàta tuilleadh.
Tha ionad-dìon ann an Dùn Bheagan a chaidh a thogail anns a' 14mh linn. B' e Calum an trìtheamh ceannard air Clann 'Ic Leòid a thog e. Tha e 15 meatairean de dh' àirde agus tha na ballachan 3 meatairean de leud. B' ann an seo a bha an toll-dubh agus rumannan glaiste, an talla mhòr, agus na seòmraichean cadail. Chaidh na binnein am muigh agus an tùr-amhairc a thogail an dèidh sin. Cha deach obair a dhèanamh ris an ionad gleidhidh seo ach gun deach mullach ùr a chur air ann an 1790.
Aig a' cheann eile, air taobh an ear an togalaich, tha an Tùr Shìdhe a chaidh a thogail mu 1500 le Alasdair Crotach,an t-8mh ceann cinnidh. Seo far a bheil na rumannan làitheil. 'S dòcha gun tàinig an t-ainm an Tur Shìdhe bhon Bhratach Shìdhe a bha cudromach ann an eachdraidh Chlann 'Ic Leòid. Tha am bratach co-dhiù 1,000 bliadhna a dh'aois agus tha e air aithris gu bheil cumhachd aig a' bhratach a tha air Clann 'Ic Leoid fhàgail slàn 's fallain aig Caisteal Dùn Bheagain thairis air na 1,000 bliadhna.ÀITE:Dùn BheaganSGÌRE:An t-Eilean SgitheanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: DiùirinisLINN:1920anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32091KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath