Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0238_ATTUAIRISGEUL:Tha an t-ainm Cinn a' Ghiuthsaich a' tighinn às a' Ghàidhlig. Aig aon àm b' e prìomh bhaile Bhàideanach a bh' ann agus e na chlachan cuairtichte le coille ghiuthais. Ann an 1799, cho-dhùin an Diùc Gòrdan gun robh feum aig an sgìre air baile agus chaidh planaichean a dhealbhadh.
Dh'fhàs am baile a bha air a phlanadh gu slaodach gus an deach a chur air a' phrìomh rathad eadar Inbhir Nis agus Peairt agus An Gearasdan le drochaid a' dol thairis air Abhainn Spè agus Abhainn Lagain aig toiseach an 19mh linn. B' e putadh eile a bh' ann dhan bhaile fàs nuair a chaidh tuathanaich on taobh a-muigh a ghluasad a Chinn a' Ghiuthsaich gus rùm a dhèanamh airson chaorach.
Dh'fhosgail an rathad-iarainn, a bha a' toirt a-steach barrachd luchd-turais ann an 1863 agus dh'fhosgail raon-goilf le 18 toll ann an 1890.
Tha Cinn a' Ghiuthsaich gu dlùth ceangailte ri iomain agus chaidh Comann a' Chamanachd a stèidheachadh anns a' bhaile ann an 1893. Chaidh sgioba iomain Chinn a' Ghiuthsaich a-steach don Guinness Book of Records mar an sgioba a bu shoirbheachaile ann an spòrs sam bithÀITE:Cinn a' GhiùthsaichSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's InnisDEIT:2009LINN:2000anNEACH-FIOSRACHAIDH:Andrew TaylorID Maoin:32138
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath