Ionad an Fhreiceadain, Cromba

Ionad an Fhreiceadain, Cromba

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0320_AT TUAIRISGEUL: Tha am bàgh na shìneadh tchun an t-Sùdair a Deas, fear de na rubhachan a tha a' dìon beul Linne Chrombaidh. Tha e air aithris gu bheil na Sùdraichean air an ainmeachadh air dà fhamhair a bha a' fuireach air gach rubha agus a bha a' coimhead thairis air muinntir Chrombaidh. 'S e greusaichean no sùdraichean tranga a bh' annta agus bhiodh iad a' tilgeil innealan an obrach dha chèile thairis air a' chaolas 'S e sàilean den Linne Mhoireibh a th' ann an Linne Chrombaigh. Air a cruthachadh aig an aon àm ri Loch Nis, 's e acarsaid dhomhainn, nàdarra a th' anns an Linne. Ann an 1912 thàinig an caolas gu bhith na bhun-àite an Nèibhi agus 's e acarsaid shàbhailte a bh' ann don chabhlach san dà chogadh. O chionn ghreiseag chleachdadh Linne Chrombaigh na àite do thogail, càradh is cumail-dìomhain nan crann-ola on Chuan a Tuath ÀITE: Cromba SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Crombaidh DEIT: 2009 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Am Baile ID Maoin: 32225 KEYWORDS_GAELIC: