Talla a' Bhaile agus Institiùd Ùisdein Mhic a' Mhuilleir, Cromba

Talla a' Bhaile agus Institiùd Ùisdein Mhic a' Mhuilleir, Cromba

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0333_AT TUAIRISGEUL: Chaidh Talla a' Bhaile no Taigh na Cùirte, air a bheil tùr na sheasamh a-mach agus cupola ochd-thaobhach le cuach-mhullach, a thogail eadar 1770 is 1783. Ged a thàinig airgead eile o Choimiseanairean nan Oighreachdan Ceangailte, chaidh a phàigheadh le Seòras Ros o Phitkerrie, a cheannaich Oighreachd Chrombaigh ann an 1767 agus a rinn leasachadh air a' bhaile. Chaidh an gleoc a dhèanamh le Iain Ros à Baile Dhubhthaich agus 's ann à long Spàinneach a thàinig an clag, o 1778, a tha am broinn na tùir. Sna 1840an chaidh cìlltean ùra a chur ris a' phrìosan agus chaidh siostam teothachaidh is gaothrachaidh a chur ann. Cha deach atharrachadh a dhèanamh air rùm na cùirte o mheadhan an naoidheamh linn deug. Chaidh Taigh Cùirte Chrombaigh ùrachadh an 1990 agus dh'fhosgladh e na thaigh-tasgaidh air a ruith le Urras sgìreil. 'S ann ann an Institiùd Ùisdean Mac a' Mhuilleir, a chaidh a dhealbhadh le ailtirean Ros is MacBheatha, a tha an leabhar-lann poblach. Chaidh a thogail an 1903-4 le airgead bho Urras Charnegie ÀITE: Cromba SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Crombaidh DEIT: 2009 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Am Baile ID Maoin: 32240 KEYWORDS_GAELIC: