Caol-shràid Mhòr, Cromba

Caol-shràid Mhòr, Cromba

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0338_AT TUAIRISGEUL: Bha coimhearsnachd iasgaich an seo cho fad air ais ri co-dhiù an seachdamh linn deug agus 's dòcha na bu tràithe na sin. Bha na daoine eadar-dhealaichte bhon a' chòrr dhen bhaile agus dualchas is dual-chainnt aca dhaibh fhèin. B' àbhaist gum biodh bàtaichean Chrombaigh beag agus dh'fhaodadh na fir iasgach a dhèanamh faisg air an dachaigh. San t-seachdamh 's san ochdamh linn deug bha amannan beartach ann nuair a thigeadh sgaothan sgadain a-steach dhan Linne. Ach bha amannan ann cuideachd nuair nach biodh iasg idir ann agus bhiodh iad ann am fìor bhochdainn. San t-Seann Chunntas Stataistigeil ann an 1793, nuair a bha gainnead ann, dh'innis an t-Urr Raibeart Mac a' Ghobhainn cho fìor eagalach 's a bha na h-iasgairean, "the extreme timidity of the fishers" agus mhol e bàtaichean nas motha, "necessity of large boats and by going out some considerable distance down the Murray Firth; fish are caught in abundance." Fiù 's nuair a bhiodh cùisean soirbheachail bha beatha chruaidh aca, gu h-àraid aig na boireannaich a bhiodh a' biadhadh nan dubhan, a' sgoltadh an èisg mus dinneadh iad a-steach ann am barraillean salainn iad agus cuideachd a' càradh nan lìont. Bhiodh na boireannaich fiù 's a' toirt nam fireannach a-mach dha na bàtaichean air an druim, gus an tòisicheadh iad an latha le casan tioram, agus thogadh iad ann am basgaidean an t-iasg a chaidh a ghlacadh air ais dhan tràigh o na bàtaichean aig deireadh an latha. San naoidheamh linn deug chaidh an t-iasgach bhuaithe. A rèir Choinnich MhicRath san "Highland Doorstep" bha trì fichead bàta 's a sia ann an Cromba ann an 1897 ach sna 1930an cha robh gin ann ÀITE: Cromba SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Crombaidh DEIT: 2009 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Am Baile ID Maoin: 32246 KEYWORDS_GAELIC: