An Cala, Cromba

An Cala, Cromba

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0340 TUAIRISGEUL: An cala Chrombaigh is cost Rois an ear air a chùlaibh. Tràth san ochdamh linn deug bha Cromba na phort chudromach eadar-nàiseanta a' dèanamh malairt le Nirribhidh, an t-Suain agus an Òlaind a bharrachd air Sasainn. Thàinig fiodh, iarainn, sineabhar agus gual a-steach agus chaidh gràn is iasg saillte a-mach. Chaidh an cala a thogail eadar 1781 is 1784 nuair a chaidh pìos ùr a chur ris a' chidhe chloiche a bh' ann an toiseach agus a chaidh cidhe ùr agus dòirlinn fasgaidh a thogail. Chaidh a phàigheadh le Seòras Ros o Phitkerrie a cheannaich Oighreachd Chrombaigh agus a rinn leasachadh air a' bhaile. 'S e port cudromach a bh' ann an Cromba agus bha e gu math beartach airson greis. Chaidh lìon no sgeinnidh a thoirt a-steach bhon Bhaltaig airson factaraidh na cainbe, a chaidh a thogail le Seòras Ros cuideachd, gus ròp agus anairt a dhèanamh. Bha coimhearsnachd thrang iasgaich ann cuideachd a bha a' dol gu math san t-seachdamh is san ochdamh linn deug nuair a bha an sgadan pailt. San naoidheamh linn deug sheòl eilthirich à Cromba a' dol a Chanada, dh'Aimearaga a Tuath agus a dh' Astràilia. Ach mar a dh'fhàs rathaidean is rèileannan na b' fheàrr 's ann a dh'fhàs cudrom Chrombaigh mar phort na bu lugha. 'S e acarsaid dhomhainn, nàdarra a th' anns an Linne. Ann an 1912 thàinig an caolas gu bhith na bhun-àite aig an Nèibhi agus 's e acarsaid shàbhailte a bh' ann don chabhlach san dà chogadh. Bha cala Chrombaigh glè thrang a-rithist. O chionn greiseag chleachdadh Linne Chrombaigh na àite do thogail, càradh is cumail-dìomhain nan crann-ola on Chuan a Tuath ÀITE: Cromba SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Crombaidh NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32250 KEYWORDS_GAELIC: