Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0352TUAIRISGEUL:Sealladh ann air Sùdraichean Chrombaigh.
Tha an dà mhaol, na Sùdraichean gu Tuath is gu Deas, a' dìon inntreadh Linne Chrombaigh.
Tha e air aithris gu bheil na Sùdraichean air an ainmeachadh air dà fhuamhaire a bha a' fuireach air gach maol agus a bha a' coimhead thairis air muinntir Chrombaigh. 'S e greusaichean no sùdraichean tranga a bh' annta agus bhiodh iad a' tilgeil innealan an obrach gu chèile thairis air a' chaolas.
'S e sàilean de Linne Mhoireibh a th' ann an Linne Chrombaigh. Air a cruthachadh aig an aon àm ri Loch Nis, 's e acarsaid dhomhainn, nàdarra a th' anns an Linne. Ann an 1912 thàinig an caolas gu bhith na bhun-àite an Nèibhi agus 's e acarsaid shàbhailte a bh' ann don chabhlach san dà chogadh. Ghabhadh inntrigeadh na linne a dhìon gu furasta agus bha na Sùdraichean làn de dhaingneachdan armachd, agus chithear fhathast làraichean nan dìdeanan sin. Nas fhaisg air an latha an-diugh chleachdadh Linne Chrombaigh na àite do thogail, càradh is cumail-dìomhain nan crann-ola on Chuan a TuathÀITE:CrombaSIORRACHD/PARRAIST:ROS: CrombaidhNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32265KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath