Beinn Uais agus Taobh an Iar Inbhir Pheofharain

Beinn Uais agus Taobh an Iar Inbhir Pheofharain

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0380 TUAIRISGEUL: 'S e Beinn Uais aig 3430 troigh a dh'àirde a' bheinn as àirde agus as motha ann an taobh an ear na h-Alba tuath air Inbhir Nis. 'S dòcha gur ann bhon a' Ghàidhlig 'fuathais' a tha an t-ainm Uais aig a bheil iomadh ciall - uabhasach, àrd, uasal agus uamhalta. Tha iad seo uile freagarrach dhan bheinn seo. Bidh sneachd na laighe airson iomadh mìos anns na coireachan an ear agus nuair a bha am fearann aig a' Chlann MhicChoinnich bhon Rìgh b' ann leothasan a bha e cho fad 's gum b' urrainn dhaibh ball-sneachda fhaighinn nuair a dh'iarraist e. Tha prìomh bhaile Rois 's Chrombaidh, Inbhir Pheofharain, aig ceann Caolas Chrombaidh. Thathar a' creidsinn gun do rugadh MacBeth anns a' chaisteal an seo ann an 1005. Stèidhich an ceannard Lochlannach Thorfin an "cathair a' cheartais"aige no "thing vollr" an seo agus 's ann à sin a thàinig an t-ainm Inbhir Pheofharain. Rinn Alexander II Inbhir Pheofharain mar bhaile rìoghail ann an 1227. Bha Iarlan Rois a' riaghladh an seo gus a' chòigeamh linn deug nuair nach do rinn an t-Iarla mu dheireadh an gnothach air an cathair-rìoghail a thrasgairt agus chaidh an tiotal air ais don Chrùn. Chrìon Inbhir Pheofharain anns an t-seachdamh linn deug agus chaidh an caisteal a leagail ann an 1818. Thàinig piseach air gnothaichean nuair a thog Tòmas Telford acarsaid. Chaidh canàl a thogail cuideachd ach gu luath stadar ga chleachdadh. Thàinig barrachd beartais don bhaile nuair a thàinig an rathad-iarainn ann an 1862. Dh'fhàs am baile mar bhaile margaid agus bha e na mheadhan airson àiteachas le margaid bheathaichean cunabhalach ÀITE: Inbhir Pheofharain SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Inbhir Pheofharain NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32297 KEYWORDS_GAELIC: