An Dòrnaidh, Siorrachd Rois

An Dòrnaidh, Siorrachd Rois

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0408 TUAIRISGEUL: Tha an Dòrnaidh ann an taobh an iar Siorrachd Rois, air a' chosta an ear den Loch Fhada, agus far a bheil an Loch Fada agus Loch Dubhthaich a' coinneachadh Loch Aillse. B' e Bun Dà Loch an seann ainm Gàidhlig a bh' air. Tha an t-ainm ùr Beurla "Dornie" (an Dòrnaidh, àite molagach) a' tighinn on Ghàidhlig. Stèidhich Comann Iasgach Bhreatainn am baile ann an 1794 mar àite iasgaich agus malairt, air fearann a bhuineadh don Chòirneal Francis Humberston MacCoinnich Shìophoirt. Gus na 1870an, bha mòran dhen t-sluagh an sàs ann an obair an sgadain, an dà chuid gan sailleadh agus gan reic, ach bha togail bhàtaichean, dèanamh lìn agus greusachd pailt. Ann an 1940, thogadh an drochaid a th' anns an dealbh an àite an aiseig a bha a' siubhal tarsainn an Loch Fhada bhon Dòrnaidh gu Àird Eilbh, a' ceangal Loch Aillse agus Cinn Tàile. Bha earrann na meadhan a ghabhadh fhosgladh gus bàtaichean a leigeil troimhe. Leagadh an drochaid seo anns na 1990an nuair a thogadh drochaid ùr. 'S e Taigh-òsta Loch Dubhthaich, air an robh Taigh-òsta Aiseag na h-Àirde roimhe, a th' anns an togalach air an taobh eile dhen Loch Fhada ÀITE: An Dòrnaidh SIORRACHD/PARRAIST: ROS LINN: 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32329 KEYWORDS_GAELIC: