Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0446TUAIRISGEUL:B' e sìol-lann a thogadh anns an 1813 a bh' anns an togalach anns a' mheadhan. Tha e nis na thaigh prìobhaideach.
Chaidh an cala de chloich-ghainmhich a thogail ann an 1817 le Tòmas Telford. Chosg e £4000. Thàinig pàirt dhen airgead seo bho fhuigheall dhen ionmhas aig Coimiseanairean nan Oighreachdan Arfuntaichte. Chuireadh cidhe fiodh ris ann an 1879, ach bha e air grodadh ro mheadhan an fhicheadamh linn.
Na b' anmoiche anns an 19mh linn, bhiodh taisbeanadh de shoithichean gach bliadhna ann an Camas na Cananaich anns an Lùnastal, le farpaisean ann an seòladh, iomramh agus snàmh. Dh'fhàs Comann Bàtaichean na Cananaich bho na taisbeanaidhean seo, gus an do stad e aig toiseach a' Chogaidh Mhòir.
Thòisich an comann às ùr ann an 1956 fon ainm Comann Seòlaidh na Cananaich ("Chanonry Sailing Club"). 'S e comann trang a th' ann an-diugh le measgachadh de gheòlaichean agus eathraichean-siubhail, agus mìosachan gu math làn de thachartasanÀITE:A' ChananaichSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Ros MhaircnidhCREATOR (AV):J Valentine & Co.LINN:1930anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32367KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath