Cathair-eaglais na Cananaich

Cathair-eaglais na Cananaich

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0452 TUAIRISGEUL: Stèidhicheadh Cathair-eaglais na Cananaich anns an 13mh linn leis an Easbaig Raibeart, an dèidh do dh' Easbaigean Rois gluasad an seo bho Ros Mhaircnidh. Sguir obair-togail ri linn Cogaidhean na Saorsa agus thòisich i a-rithist anmoch anns a' 14mh linn. Bha e mar-thà ann an droch staid an dèidh an Ath-leasachaidh, le mòran dhen chloich-ghainmhich air a thoirt air falbh le arm Oliver Cromwell gus an daingneachd aige ann an Inbhir Nis a thogail. Thug muinntir an àite an còrr air falbh airson an taighean. Chan eil air fhàgail ach an trannsa a deas den eaglais, agus seòmar nan nithean naomha aig an taigh-chlèire. Anns na trannsaichean tha trì uaighean boghach: Oighrig, Ban-Iarla Rois, a b' fheudar Alastair Stiùbhart (Madadh Bhàideanaich) a phòsadh an aghaidh a toil; an t-Easbaig Raibeart Cairncross a dh'eug ann an 1545; agus an t-Easbaig Iain Friseal a dh'eug ann an 1507. Tha iomadh clàr marmoir anns a' Chathair-eaglais mar chuimhneachan air cuid de na Sìophortaich, agus carragh-cuimhne a thogadh mu 1800 do Shir Alastair MacCoinnich on Chùil. 'S ann anns a' Chathair-eaglais a bha a' chùis-lagha aig Coinneach Odhar Fiosaiche, am "Brahan Seer" ÀITE: A' Chananaich SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Ros Mhaircnidh LINN: 1930an; 1940an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32377 KEYWORDS_GAELIC: