Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0463TUAIRISGEUL:Geàrrloch, a' coimhead a-null an cladach a tuath den Loch Gheàrr. Tha Geàrrloch a' ciallachadh loch goirid.
Chan eil fada bho chaidh na tuineachaidhean fa leth air cladach an locha - An Lòn Mòr, Baile Ghobhainn, Mial, An Srath, Uachdar Chàirn agus Baile Lùib - ainmeachadh còmhla mar Gheàrrloch.
Suas gu 1843, nuair a chaidh an rathad a thogail, b' ann bhon mhuir bu mhotha a bha cothrom air faighinn dhan àite iomallach seo.
'S ann a mhàin an-dràsta, aig toiseach an 21d linn, a thathar a' leasachadh an A832 bho rathad singilte le àitean dol-seachad gu rathad dùbailte.
B' ann air croitearachd agus iasgach, gu sònraichte iasgach an truisg, a bhiodh a' choimhearsnachd sgapte seo an crochadh. Bhiodh eisirean agus maorach eile air an glacadh cuideachd airson margaidh Lunnainn. Bidh crùbagan, giomaich agus muasgain-chaola air an cur fhathast bho Gheàrrloch gu margaidhean aig deas agus san Roinn Eòrpa.
'S ann mar bhaile turasachd as fheàrr a dh'aithnichear Geàrrloch ged-tà. Thadhail a' Bhanrigh Bhictòria air Geàrrloch ann an 1877 's i a' fuireach aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a tha faisg air làimh, agus on uair sin tha luchd-turais air a bhith a' tighinn ann a mhealtainn nan tràighean brèagha agus nan seallaidhean mìorbhaileach. Bhiodh bàtaichean-smùide a' tadhal gu cunbhalach san naoidheamh linn deug agus bhiodh Taigh-òsta Gheàrrloch a' frithealadh do dh'fheumalachd an luchd-tadhail. Chaidh raon-goilf fhosgladh ann an 1898.
An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean-còmhnaidh beaga fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhanaichean ann. Tha an sgìre gu sònraichte tarraingeach do luchd-coiseachd chnoc agus luchd-amhairc fiadh-bheatha.
A dh'aindeoin na bhios a' tighinn dhan àite as t-samhradh bidh daoine a' faireachdainn gu bheil iad ann an àite iomallach agus air òir fàsaich neo-mhillteÀITE:GeàrrlochSIORRACHD/PARRAIST:ROSLINN:1920anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32390KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath