Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0484TUAIRISGEUL:Tha Loch Shìldeig na bàgh beag fasgach air Loch Gheàrrloch. 'S e an togalach aig ceann shuas an locha Loidse Shìldeig, loidse seilg Bhictòrianach a tha a-nis na thaigh-òsta. Ri làimh tha clachan beag Sìldeag. Tha dà iachta air acair sa bhàgh.
Thadhail A' Bhanrigh Bhictòria air an sgìre ann an 1877 agus dh'fhuirich i aig taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a tha faisg air làimh. Bhon uair sin tha luchd-turais air a bhith a' tighinn a mhealtainn nan tràighean brèagha agus nan seallaidhean iongantach. Anmoch san naoidheamh linn deug agus tràth san fhicheadamh linn bhiodh bàtaichean smùide le luchd-siubhail a' tadhal gu cunbhalach air a' chosta seo 's iomadh acarsaid àlainn, sàbhailte ann.
Tha Sìldeag eile ann a tha nas motha, 12 mhìle gu deas, agus tha Loch Shìldeig nas motha ann, bàgh air Loch ThoirbheartanÀITE:SìldeagSIORRACHD/PARRAIST:ROSLINN:1910an; 1920anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32411KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath