Geàrrloch - An Tràigh

Geàrrloch - An Tràigh

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0498 TUAIRISGEUL: Air cùl na tràghad seo le gainmhich bhrèagha, tha an raon-goilf. Chaidh an cùrsa naoi-tuill a dhealbhachadh leis a' Chaiptean Burgess agus chaidh fhosgladh ann an 1898. Gu clì tha Eaglais na Parraiste a thogadh an toiseach ann an 1791-3 ach a chaidh a h-ath-thogail gu ìre ann an 1834. Chaidh poirdse air a dhealbhachadh le Anndra Maitland & a Mhic a chur rithe ann an 1834. Chaidh an eaglais ath-nuadhachadh ann an 1908-9. Mu choinneimh na h-eaglaise tha lag air a bheil Leabaidh na Bà Bàine. 'S e lag nàdarra air chruth-uighe cha mhòr foirfe a th' ann ach a rèir beul-aithris chaidh a chruthachadh le Fionn mar leabaidh far am beireadh a' bhò aige laogh. Ghabhadh e suas ri dà mhìle duine agus bha e air a chur gu feum airson sheirbheisean eaglaise agus le soisgeulaichean a bhiodh a' tadhal. Ris a' chùl, tha a dhà de bheanntan Thoirbheartan. Gu clì tha Badhais Bheinn. Gu deas tha Beinn Ailiginn. Tha sreath bheanntan Thoirbheartan na sgìre iomallach le seallaidhean iongantach a tha eadar Loch Ma-Ruibhe agus Loch Thoirbheartan. Tha na beanntan de chlach-ghainmhich Thoirbhearatan agus ann am feadhainn aca tha clach-èiteig gheal a tha coltach ri sneachd uaireannan. Tha grùnn de na mullaich os cionn 3300 troigh (1000 meatair) Tha Badhais Bheinn [2870 troigh (875 meatairean)] na Chorbett - beinn eadar 2500 troigh agus 2999 troighean. Mar as trice canar gur e beinn a' bhuidsich a tha e a' ciallachadh. Tha Beinn Ailiginn na Rothach - beinn os cionn 3000 troigh. Mar as trice canar gur e seud a tha e a' ciallachadh agus tha dà mhullach aice, Sgùrr Mhòr 3231 troighean (985 meatairean) agus Tom na Gruagaich, 3018 troighean (920 meatair) ÀITE: Geàrrloch SIORRACHD/PARRAIST: ROS LINN: 1930an; 1940an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32425 KEYWORDS_GAELIC: