Beanntan Thoirbheartan bho Gheàrrloch

Beanntan Thoirbheartan bho Gheàrrloch

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0519 TUAIRISGEUL: Tha Geàrrloch ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid. Is e ceàrnaidh iomallach làn sheallaidhean drùidhteach eadar Loch Ma Ruibhe agus Loch Thoirbheartan a th' ann an sreath Bheanntan Thoirbheartan. Tha na beanntan air an cruthachadh à clach ghainmhich Thoirbheartain agus tha clach èiteig gheal ann an cuid dhiubh, a bhios a' toirt dhaibh ìomhaigh sneachda.Tha grunn de na stùcan thairis air 3300 troigh (1000 meatair). Tha grunn eileanan ris a' chladach aig ceann a deas an locha a tha a' cruthachadh acarsaid shàbhailte do bhàtaichean iasgaich agus sgothan. Is e Eilean Thorasdail an t-eilean as motha. Tha an t-ainm a' tighinn bho Thor, dia Lochlannach an tàirneanaich, agus tha e a' cur nar cuimhne gun robh na Lochlannaich glè neartmhor ris a' chladach seo aig aon àm ÀITE: Geàrrloch SIORRACHD/PARRAIST: ROS LINN: 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32445 KEYWORDS_GAELIC: