Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0520TUAIRISGEUL:Tha clachan Bhad a' Chrò, a' ciallachadh buaile a' chruidh, stèidhte gu h-eireachdail air bealach Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Ann am fasgadh grunn eileanan tha am bàgh a' tairgsinn acarsaid shàbhailte do bhàtaichean iasgaich agus do sgothan.
Is e Eilean Thorasdail, a chithear an seo sa mheadhan, an t-eilean as motha. Tha an t-ainm a' tighinn bho Thor, dia Lochlannach an tàirneanaich, agus tha e a' cur nar cuimhne gun robh na Lochlannaich glè neartmhor ris a' chladach seo aig aon àm.
Air beulaibh Eilean Thorasdail tha eilean beag, Eilean Tioram, a tha ceangailte ri tìr mòr le cabhsair.
Aig deireadh an naoidheamh linn deug b' e àite trang iasgaich a bh' ann am Bad a' Chrò. Bha iasg, gu h-àraid trosg, a bhathar a' cur air tìr ann an seo agus ann an Geàrrloch, air a thiormachadh ann am Bad a' Chrò. Bha dà stèisean ciùraigidh ann - fear air Eilean Thorasdail agus aon eile air Eilean Tioram. Tha giomaich, crùbagan agus muasgain caola fhathast gan cuir air tìr an seo agus gan cuir gu na margaidhean aig deas agus gu margaidhean na Roinn Eòrpa.
Tha am bad sàmhach iomallach seo air a mheas gu mòr aig luchd saor-làithean a bhios a' tighinn a ghabhail tlachd às na seallaidhean bòidheach agus am fiadh-bheathaÀITE:Bad a' ChròthaSGÌRE:GeàrrlochSIORRACHD/PARRAIST:ROS: GeàrrlochCREATOR (AV):J Valentine & Co.LINN:1940anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32446KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath