Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0521TUAIRISGEUL:Tha clachan Bhad a' Chrò, a' ciallachadh buaile a' chruidh, stèidhte gu h-eireachdail air bealach Loch Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Ann am fasgadh grunn eileanan tha am bàgh a' tairgsinn acarsaid shàbhailte do bhàtaichean iasgaich agus do sgothan.
Aig deireadh an naoidheamh linn deug b' e àite trang iasgaich a bh' ann am Bad a' Chrò. Bha iasg, gu h-àraid trosg, a bhathar a' cur air tìr ann an seo agus ann an Geàrrloch, air a thiormachadh ann am Bad a' Chrò. Tha giomaich, crùbagan agus muasgain chaola fhathast gan cuir air tìr an seo agus gan cuir gu na margaidhean aig deas agus gu margaidhean na Roinn Eòrpa.
Ris an aghaidh air a' chairt-phuist tha ultaich feòir air an cruachadh airson an tioramachadh. B' e àm cudromach a bh' ann an àm buain ann an saoghal croitearachd. Bhathar a' cleachdadh speal airson am feur a bhuain agus bha an obair dian agus fada. B' urrainn dhan a h-uile duine a bhith an sàs san obair, agus tha mòran leabhraichean aithris nan sgoiltean a' sealltainn gun robh frithealadh na sgoile gu math ìosal aig àm nan seachdainean buain, air sgàth 's gun robh a' chlann a' cuideachadh leis an obairÀITE:Bad a' ChròthaSGÌRE:GeàrrlochSIORRACHD/PARRAIST:ROS: GeàrrlochCREATOR (AV):J Valentine & Co.LINN:1950anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32447KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath