Geàrrloch a' coimhead gu Tuath

Geàrrloch a' coimhead gu Tuath

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0539 TUAIRISGEUL: Tha Geàrrloch ann an Ros an Iar. Tha am facal 'Gairloch' a' tighinn bhon Ghàidhlig 'geàrr loch' a' ciallachadh loch ghoirid. Air an làimh dheis tha Taigh-òsta Gheàrrloch. Chaidh an togalach drùidhteach seo, air stoidhle Seumasach, a dhealbh le Anndra Maitland, agus a thogail ann an 1872. Chaidh a leudachadh ann an 1880 le Anndra Maitland & a Mhac agus a-rithist ann an 1896 le Ros agus Mac a' Bheatha Nuair a chaidh an taigh-òsta a thogail an toiseach bha liosan agus taighean-glainne ann, anns an robh raon fharsaing de ghlasraich, measan agus blàthan a' fàs. Bha e a' solarachadh gach cofhurtachd don chiad luchd-turais Bhioctòirianach, gu fiù 's inneal ionnlaid air an tràigh. Bha iad a' tighinn air los èadhar fhallain agus cuir-seachadan a-muigh air a' mhonadh, air am brosnachadh le tadhalan na Banrigh Bhioctòiria gun Ghàidhealtachd. Thadhail a' Bhanrigh Bhioctòiria ann an Geàrrloch ann an 1877 nuair a dh'fhuirich I ann an Taigh-òsta Loch Ma Ruibhe faisg air làimh. Seachad air an taigh-òsta tha bailtean Uachdar Càirn, Baile a' Ghobhainn, Mial, agus an t-Srath. Is ann dìreach o chionn ùine nach eil fada a chaidh na bailtean fa leth a tha a' ruith ris a' chladach, a' gabhail a-steach Baile Lùib aig deas far a bheil an acarsaid, ainmeachadh còmhla mar Geàrrloch. Gu 1843, nuair a thogadh an rathad, cha robh slighe a-steach gun cheàrnaidh iomallach seo ach air muir gu ìre mhòr. Is ann dìreach a-nis, aig toiseach a' chiad linn air fhichead, a tha an A832 ga àrdachadh bho fhrith-rathad aon-fhillte le àiteachan seachnaidh, gu rathad mòr dà-fhillte. B' àbhaist gur e croitearachd agus iasgach, gu h-àraid iasgach truisg, a' phrìomh obair a bha a' cumail suas na coimhearsnachd sgapte seo. Bha eisirean agus maoraich eile gam buain cuideachd airson margaidh Lunnain. Tha crùbagan, giomaich agus muasgain caola fhathast gan cuir à Geàrrloch gu margaidhean aig deas agus gu margaidhean san Roinn Eòrpa. An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhain ann. Tha an sgìre gu h-àraid tarraingeach do luchd-coiseachd nan cnoc agus do luchd-amhairc fiadh-bheatha ÀITE: Geàrrloch SGÌRE: Geàrrloch SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Geàrrloch LINN: 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32465 KEYWORDS_GAELIC: