Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0550TUAIRISGEUL:Am Baile Mòr, Geàrrloch.
Is ann sa ghleann bhòidheach seo a tha dìreach a-steach san tìr bho acarsaid Gheàrrloch aig Baile Lùib, a tha cathair Chlann Mhic Coinnich Gheàrrloch, An Taigh Dìge.
Tha rathad agus drochaid nas ùire a-nis an àite na seann drochaid san dealbh seo, agus tha an taigh air an taobh eile a-nis na thaigh-òsta. Tha cuairt às an seo a' dol seachad air an Taigh Dìge agus air adhart tron ghleann, anns a bheil saidhbhreas de phlanntrais agus ainmhidh, agus suas an Abhainn Ghlas gun eas.
B' e An Taigh Dìge an t-ainm a bha air a' chiad taigh aca ann an Geàrrloch. Bha e ann an sloc shìos fon aitreabh mhòr a chithear an seo agus bha dìg uisge timcheall air le drochaid.
Chaidh an taigh a th' ann a-nis a thogail ann an 1738 dhan Ridire Alasdair MacCoinnich agus b' e a' chiad taigh san sgìre air an robh mullach sglèat. Chaidh an t-ainm Taigh Dìge nan Gorm Leac a thoirt air an uair sin. Ann an 1904 chuir Anndra Maitland agus a Mhic leudachadh ris.
Ann an 1745, thug sgiobair a' bhàta cogaidh a bha a' coimhead airson a' Phrionnsa Theàrlaich, cuireadh dhan uachdaran a thighinn air bòrd. Dhiùlt an t-uachdaran air sgàth 's gu robh e a' dol a dh'ithe còmhla ri aoighean air mullach na creige àirde, Creag a' Chait, air cùl an Taigh Dìge, ach dh'iarr e air an sgiobair a dhol còmhla riutha. B' e am freagairt a fhuair e urchair ann an cliathaich an taighe le ball a' ghunna mhòir a' dol fodha ann an gèibheal an taighe.
Bha Frisealach Fhoitheir, nuair a bha e air an allaban às dèidh Cùil Lodair, air falach airson ùine ann an cùil dhìomhair san taigh.
Anns an t-Sultain 1921 bha am Prìomhaire, Dàibhidh Lloyd George, a' fuireach anns an Taigh Dìge nuair a chuala e gu robh Èirinn air cùl a chur ris an Rìgh agus ris an Ìmpireachd. Dh'èigh e an Caibineat còmhla ann an Inbhir Nis, an aon turas a-riamh a choinnich iad taobh a-muigh Lunnainn.
Tha Osgood MacCoinnich (1842-1922), fear de shliochd Eachainn a' sgrìobhadh ann an 1922, ag ràdh gun do mhol luchd-turais agus iad a' faicinnn cho pailt agus a bha na flùraichean ann an Gleann a' Bhaile Mhòir, an t-ainm Flowerdale a thoirt air, ach fad a bheatha b' e an Taigh Dige an t-ainm a bha air agus b' e Am Baile Mor a bha air an àiteÀITE:GeàrrlochSGÌRE:GeàrrlochSIORRACHD/PARRAIST:ROS: GeàrrlochLINN:1910anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32476KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath