Eas Chearraidh eadar Loch Ma Ruibhe agus Geàrrloch

Eas Chearraidh eadar Loch Ma Ruibhe agus Geàrrloch

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0561 TUAIRISGEUL: Eas Chearraidh tha eadar Loch Ma Ruibhe agus Geàrrloch. Tha Abhainn Chearraidh a' sruthadh beagan is trì mìle bho Loch na h- Oidhche do Loch Gheàrrloch ann an Taobh Siar Rois. Tha ainm na h-aibhne a' tighinn às an t-seann Lochlannais airson 'frìth-choille'. Tha ceann shuas na h-aibhne a' sruthadh tro chlais mhòr dhomhainn agus anns na 1950an, chaidh stèisean cumhachd dealan-uisge a thogail air an abhainn, a' cleachdadh cumhachd Eas Chearraidh. Chruthaich e dealan don choimhearsnachd an toiseach ach tha e a-nis mar phàirt den lìonradh dealain nàiseanta. Mar thoradh air seo, tha sruth an easa air a dhol an lughad gu mòr bho chaidh an dealbh seo a thogail. B' e Uilleam Logan (1913-1966) cunnradair pròiseact stèisean cumhachd Eas Chearraidh. B' esan ceannard na companaidh togail Duncan Logan Earr. às a' Bhlàr Dhubh, a tha ainmeil mar chunnradairean Drochaid Thatha. Stèidhich Uilleam Logan a' chompanaidh Loganair ann an 1962. Thòisich i mar sheirbheis tagsaidh adhair eadar eileanan ach choisinn i cliù mar loidhne adhair na h-Alba agus tha i a-nis a' frithealadh lìonradh de shlighean air tìr-mòr agus eadar eileanan. Chaidh Uilleam Logan a mharbhadh san Fhaoilleach 1966 nuair a thuit itealan air an robh e a' siubhal gu talamh air Dùn Eun faisg air Inbhir Nis. Tha fear de na co-chruinneachaidhean as lìonmhoire de mhadaidhean-uisge anns an Rìoghachd Aonaichte aig ceann shìos Abhainn Chearraidh agus tha e air fear de na h-àiteachan as pailte sa bheil an gnè bheathaichean seo, a tha an dà chuid tearc agus ann an cunnart. Mar thoradh air seo, thathar air inbhe mar Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail agus mar Ionad Sònraichte Glèidhteachais a thoirt do dh'Abhainn Chearraidh. Tha dìon aig madaidhean-uisge anns an Rioghachd Aonaichte fo Achd Fiadh-bheatha is Sgìrean Dùthchail 1981. Tha an abhainn ainmeil cuideachd airson iasgach nam bànag is a' bhradain ÀITE: Eas Chearraidh SIORRACHD/PARRAIST: ROS LINN: 1940an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32486 KEYWORDS_GAELIC: