Camas Ghruinneard

Camas Ghruinneard

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0600 TUAIRISGEUL: Camas Ghruinneard (eadar Geàrrloch agus Ulapul). Tha Bàgh Ghruinneard na chaolas mara air costa taobh siar Rois. Tha tràighean brèagha aig a' bhàgh, agus gainmheach caran pinc o chreag Thoirbheartain aca. Tha an t-ainm Gruinneard a' tighinn às an Lochlannais agus tha e a' ciallachadh an dara cuid bàgh uaine no bàgh ao-domhainn. Tha am bàgh an dà chuid uaine agus ao-domhainn. Tha Abhainn Ghruinneard Bheag a' sruthadh bho Fhionn Loch don bhàgh agus tha e a' comharrachadh na crìche eadar paraistean Gheàrrloch agus Loch Bhraoin. Ri cùl na deilbh, dhan taobh dheas, chithear Beinn Ghobhlach, a tha air Rubha Sgoraig eadar Loch Bhraoin Bheag agus Loch Bhraoin. Ged nach eil i air tè de na beanntan as motha ann an Alba - chan eil i ach 2083 tròighean (635m) a dh'àirde - tha coltas drùidhteach oirre a chionn 's gu bheil i na seasamh leatha fhèin. Air an taobh chlì tha beanntan Rubha na Còigich ann, gu tuath air Loch Bhraoin. Tha Eilean Ghruinneard nas fhaide a-muigh anns a' bhàgh. Chaidh an t-eilean a chleachdadh ann an 1942 mar àite deuchainn do dh'armachd bith-eòlasach is chaidh anthrax a chur air. Mairidh anthrax san ùir fad iomadh bliadhna. B' ann an 1990, an dèidh iomadh oidhirp air dì-thruailleadh, a chaidh a dhearbhadh gun robh an t-eilean sàbhailte. Chan eil anthrax air na caoraich a tha a' fuireach air an eilean a-nis ÀITE: Camas Ghruinneard SGÌRE: Geàrrloch SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Geàrrloch LINN: 1930an; 1940an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32521 KEYWORDS_GAELIC: