Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0601TUAIRISGEUL:Clach na h-Uamha, Camas Ghruinneard.
Chaidh a' chlach seo, air stèidh gu math cugallach, a th' air a' chladach fon Leathad, a leagail ann an gèile ann an 1950.
'S e tuineachadh beag aig ceann a deas Chamas Ghruinneard, caolas mara ann an Ros an Iar, a th' anns An Leathad. Tha e suidhichte aig comar an rathaid a tha a' dìreadh suas Cnoc cas na Cabaig agus an rathaid aon-fhillte a tha a' dol gu bailtean croitearachd iomallach Mheallain Ùdraigil agus na h-Òbainean, far a bheil an rathad a' crìochnachadh.
Aig an Leathad tha tobhtaichean caibeil ann. 'S ann o 1713 a tha an togalach seo, nuair a rinn Seòras MacCoinnich Ghruinneard ath-thogail air caibeal a bh' ann roimhe, a chaidh a thogail le Colm Cille, tha daoine a' creidsinn. San naoidheamh linn deug thàinig dith chleachdaidh air a' chaibeal agus chaidh seirbhisean a dhèanamh san uaimh a bha faisg air làimh.
Ri cùl na deilbh, air an taobh dheas, chithear Beinn Ghobhlach, a tha air Rubha Sgoraig eadar Loch Bhraoin Bheag agus Loch Bhraoin. Ged nach eil i air tè de na beanntan as motha ann an Alba - chan eil i ach 2083 tròighean (635m) a dh'àirde - tha coltas drùidhteach oirre a chionn 's gu bheil i na seasamh leatha fhèin.ÀITE:Camas GhruinneardSGÌRE:GeàrrlochSIORRACHD/PARRAIST:ROS: GeàrrlochCREATOR (AV):J Valentine & Co.LINN:1950anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32522KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath