Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0642TUAIRISGEUL:'S e seo rathad cumhang a tha a' falbh far an A896 eadar Loch Carrann is Sìldeag agus a' dol thar nam beanntan dhan Chomraich.
Tha an rathad seo ann an àite gruamach, fosgailte agus tha e ag èirigh bho ìre na mara aig baile na Comraich gu còrr is 2,000 troigh aig a' mhullach sia mìle a-staigh air an dùthaich. Tha a' chuid dheth ris an canar Bealach na Bà uabhasach cas is lùbach agus bidh e tric dùinte sa gheamhradh.
Tha an t-ainm A' Chomraich co-dhiù 1300 bliadhna a dh'aois agus tha e air a chleachdadh gu h-ionadail airson a' bhaile bhon 19mh linn sa bheil taigh-seinnse agus oifis-puist. Tha am baile air Bàgh beag na Comraich, a' coimhead ris an Linne a-Staigh, agus air taobh eile na Linne tha Ratharsair, aon de na h-Eileanan a-Staigh.
Tha Abhainn bheag na Comraich a' sruthadh dhan bhàgh aig A' Chomraich. 'S e A' Chomraich cuideachd ainm oighreachd na sgìre.
'S e loch mara ann an iar-thuath Gàidhealtachd na h-Alba a th' ann an Loch Ciseorn, is tha e a' sgaradh rubha na Comraich bho sgìre Loch Carrann. Tha e mu 1.5cil a leud agus 4cil a dh'fhaid.
Tha grunn eileanan beaga aig beul an locha agus 's e Eilean Ciseorn as motha dhiubh.
Tha trì tuineachaidhean beaga nan sreath air cladach deas an locha. Gu coitcheann canar Ciseorn ris na trì còmhlaÀITE:Bealach na BàSGÌRE:Loch CarrannSIORRACHD/PARRAIST:ROS: A' ChomraichCREATOR (AV):J Valentine & Co.LINN:1950anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32562KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath