Sealladh aithghearr den Phloc, Loch Carrann agus beanntan na Comraich
Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0644TUAIRISGEUL:'S e Am Ploc/Ploc Loch Aillse baile ann an Gàidhealtachd na h-Alba, is 378 de shluagh ann.
'S e tuineachadh àillidh a th' ann air cladach Loch Carrann. Tha e a' coimhead gu sear, air falbh bho na gnàth-ghaothan a tha, cuide ri Sruth a' Chuain Atlantaig a Tuath, a' fàgail gnàth-shìde tlàth ann a leigeas le craobhan-pailm (craobhan-càil ann an da-rìreabh) fàs.
'S ann on 18mh 's an 19mh linn a tha a' chuid as motha de na taighean. 'S e coimhearsnachd air a dheilbh a bh' ann, agus iasgach na mheadhan, ann an oidhirp gus stad a chur air às-imrich on Ghàidhealtachd.
'S e Loch Carrann loch mara air cost an iar Rois is Chrombaigh air Gàidhealtachd na h-Alba. 'S ann an seo a tha Abhainn Charrainn a' dol a-steach don Chuan Shiar a Tuath.
A-rèir nan clàran mara, tha ruith an t-sruth a' ruighinn luaths 3 mìle mara sa chaolas, ged a tha glè bheag de bhuaireas mara on t-sruth. Tha doimhneachd na mara nas lugha na 20meatair sa chaolas, ach 's na h-òban air gach taobh tha i cho domhainn ri 100m. Shìos fo na sgorran aig Caisteal an t-Stròim tha sgaoth de shligean 'flame' ann.
Tha an t-ainm 'Applecross' (Abar Chrosain, ged 's e A' Chomraich a th' air ann an Gàidhlig an-diugh) co-dhiù 1300 bliadhna a dh'aois agus san sgìre 's ann ris a' bhaile bheag on 19mh linn, leis an taigh-òst 's am post-oifis, a tha iad a' cur an ainm. Tha iad seo nan laighe air Bàgh beag Abar Chrosain, mu choinneamh a' Chaolais A-staigh far a bheil Eilean Ratharsair ann an Innse Gall A-staigh na laighe air an taobh thall.
Tha Abhainn bheag na Comraich a' dol a-steach don bhàgh aig a' Chomraich, agus 's e 'Applecross' cuideachd a th' air an oighreachd san sgìre.ÀITE:Am PlocSGÌRE:Taobh an Iar Dheas RoisSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Loch AillseLINN:1940an; 1950anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32564KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath