Cromba bhon Taobh an Iar

Cromba bhon Taobh an Iar

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0710 TUAIRISGEUL: Tha Cromba, a tha stèidhichte aig bàrr an Eilein Duibh ann am beul Linne Chrombaidh mar bhaile eachdraidheil as fheàrr a tha air a ghleidheadh air a' Ghàidhealtachd. Airson 700 bliadhna bha bith-beò Chrombaidh an urra ri fhagasachd dhan mhuir, agus ri talamh àitich torrach. Tha fhortan air a bhith sìos is suas gun sgur, a' ruighinn mullach àirde san t-17mh linn air sgàth malairt ri Nirribhigh, An t-Suain, An Òlaind agus fiù na Dùthchannan Meadhan-thìreach agus an uair sin aig àm lìonmhorachd an sgadain san 19mh linn, nuair a bhiodh na dusanan de bhàtaichean iasgaich a' seòladh a-mach à caladh. Is ann air sgàth na bochdainn a lean na h-amannan pailteis sin a tha Cromba air a ghleidheadh san latha an-diugh mar am baile as tarraingiche air taobh an ear na Gàidhealtachd, agus is ann air sgàth obair na h-ola sna 1970an a tha a bheairteas air cothrom leasachaidh agus càraidh a dhèanamh air a leithid de a sheann togalaichean brèagha ÀITE: Cromba SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Crombaidh NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32632 KEYWORDS_GAELIC: