Còig Peathraichean Chinn Tàile, Loch Dubhthaich agus Màm Ràtagan

Còig Peathraichean Chinn Tàile, Loch Dubhthaich agus Màm Ràtagan

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0737 TUAIRISGEUL: Loch Dubhthaich agus na beanntan air a bheil Còig Peathraichean Chinn Tàile. A rèir uirsgeulan, thàinig dithis phrionnsan Èireannach gu tìr ann an stoirm is thuit iad ann an gaol le dithis de na seachdnar pheathraichean aig Rìgh Chinn Tàile. Air dhaibh gealltainn gun cuireadh iad an còignear bhràithrean a-nall a phòsadh nam peathraichean eile, phòs na prionnsan an dithis bhana-phrionnsa a b' òige agus thill iad a dh' Èirinn. Dh'fhuirich na peathraichean eile gu dìomhair, is mu dheireadh dh' iarr iad air Draoidh Glas Choire Dhunaid leigeil leotha a bhith a' coimhead seachad air làithean am beatha. Mar sin, thionndaidh e gu beanntan iad. Tha na beanntan ag èirigh os ceann Ghleann Sheile aig ceann Loch Dubhthaich. On làimh chlì, is iad Sgurr Moraich (876m), Sgurr nan Saighead (929m), Sgurr Phuaran (1068m), Sgurr na Càrnach (1002m) agud Sgurr na Ciste Duibhe (1027m) ÀITE: Loch Dubhthaich; Còig Pheathraichean SIORRACHD/PARRAIST: ROS CREATOR (AV): J Valentine & Co. LINN: 1940an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32657 KEYWORDS_GAELIC: