Na Còig Peathraichean agus Loch Dubhthaich à Cnoc Uachdar Thìre

Na Còig Peathraichean agus Loch Dubhthaich à Cnoc Uachdar Thìre

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0754 TUAIRISGEUL: Loch Dubhthaich agus na beanntan ris an canar "Còig Peathraichean Chinn Tàile" à Cnoc Uachdar Thìre ann an Taobh Siar Rois. 'S e A’ Bheinn Mhòr an t-ainm tùsail Gàidhlig. Tha na Còig Peathraichean ag èirigh os cionn Gleann Seile aig ceann Loch Dubhthaich. 'S e Sgùrr Moraich (876m), Sgùrr nan Saighread (929m), Sgùrr Fhuaran (1068m), Sgùrr na Carnach (1002m) agus Sgùrr na Ciste Duibhe (1027m) na h-ainmean aca. Tha e air aithris gun deach dithis phrionnsan Èireannach air tìr an seo ann an droch stoirm agus gun do thuit iad ann an trom ghaol le dithis de sheachd nigheanan Rìgh Chinn Tàile. Gheall an dithis bhràithrean gun cuireadh iad an Còignear bhràithrean fhèin a dh'Èirinn airson an Còignear pheathraichean a phòsadh. Thill iad fhèin agus an dithis pheathraichean eile a dh'Èirinn. Bha na Còig peathraichean a' feitheamh agus a' feitheamh gus an do dh'iarr iad mu dheireadh thall air Buidseach Liath Coire Dunaid a bhith cinnteach gum biodh iad a' cumail sùil gu sìorraidh. An sin rinn e beanntan dhIùbh ÀITE: Loch Dubhthaich; Còig Pheathraichean SIORRACHD/PARRAIST: ROS LINN: 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32673 KEYWORDS_GAELIC: