Caisteal Eilean Donnain aig Loch Dubhthaich

Caisteal Eilean Donnain aig Loch Dubhthaich

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0799 TUAIRISGEUL: Caisteal Eilean Donnain ann an Loch Dubhthaich ann an Taobh Siar Rois. 'S dòcha gun robh daoine a' fuireach air Eilean Donnain cho fada air ais ris an treas linn ach 's anns an treas linn deug a chaidh a' chiad chaisteal a thogail. Bha an caisteal aig Clann MhicChoinnich Chinn Tàile airson 400 bliadhna ach leag nèibhi an riaghltais e ann an 1719 nuair a bha arm nan Seumasach agus na Spàinne na bhroinn. Thog Lt Colonel MacRath-Gilstrap an caisteal a-rithist agus chaidh a chrìochnachadh ann an 1932, agus gu cinnteach 's e seo fear de na caistealan as brèagha ann an Alba. Bidh an t-uabhas dhaoine a' togail dhealbhan dheth ÀITE: An Dòrnaidh SIORRACHD/PARRAIST: ROS LINN: 1980an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32717 KEYWORDS_GAELIC: