Aiseig Cheiseig

Aiseig Cheiseig

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0818 TUAIRISGEUL: Aiseag Cheiseig. 'S e uisge a th' anns an aiseig thar a' chaolais eadar Caolas Mhoireibh agus Poll an Roid, mu choinneimh Inbhir Nis. Ann an 1825, cheannaich Am Morair Uilleam Fettes oighreachd A' Chaisteil Dheirg, air an Eilean Dubh airson £135,000. An lùib seo, thàinig còirichean airson aiseag obrachadh aig Ceiseig, a' ceangal Inbhir Nis ris an Eilean Dubh. Taobh a-staigh trì bliadhna, bha e air cidhechan ùra a thogail agus nuair a thàinig na 1900an, bha bàtaichean-smùide air tòiseachadh air an t-slighe. Ann an 1939 ghabh Comhairle Baile Inbhir Nis agus Comhairle Sgìreil Rois is Chrombaidh an t-seirbheis thairis agus anmoch anns na 1940an b' urrainn do na h-aiseagan carbadan a thoirt thar a' chaolais. B' e 'Eilean Dubh' a' chiad dhiubh a ghabhadh ochd càraichean. Chaidh an 'Inbhir Nis,' a ghabhadh ceithir carbadan, a chur ris an t-seirbhis anns na 1950an agus chaidh an aiseag 'Rosehaugh' a bha air a dèanamh gu sònraichte a chur air an t-seirbheis ann an 1967. Bha an 'Eilean Dubh' an uair sin air a cumail mar bhàta nan robh an tè eile a-mach à seirbheis. B' ann aig an dà chomhairle a bha an aiseag gus an do dh'fhosgail Drochaid Cheiseig nan àite ann an 1982 ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32735 KEYWORDS_GAELIC: