Loch Carrann agus Caisteal Dhùn Creige

Loch Carrann agus Caisteal Dhùn Creige

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0844 TUAIRISGEUL: Loch Carrann agus Caisteal Dhùn Creige ann an Siorrachd Rois. Tha an caisteal suidhichte fo na Creagan ann an Dùn Chreige le sealladh thar Bàgh a' Phluic. Chaidh a thogail ann an 1866 leis a' Mhorair Alasdair MacMhathain, aig an robh Oighreachd Loch Aillse. Chaidh an caisteal a chleachdadh na b' fhaide air adhart mar sgoil phrìobhaidich. Tha an loch mhara aig Loch Carrann còig mìle ann am faid agus trì chairteal a mhìle ann an leud a' ruith bhon taobh an Ear Thuath gu taobh an Iar Dheas a' chaolais aig Port an t-Sròim. Tha baile Loch Carrann aig ceann na locha agus Gleann Carrann far a bheil Coille Ach na Seileach. Tha beanntan Thoirbheartain agus na Comraich faisg air làimh ÀITE: Am Ploc SIORRACHD/PARRAIST: ROS LINN: 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32762 KEYWORDS_GAELIC: