Am Ploc ri taobh cladach Loch Carrann

Am Ploc ri taobh cladach Loch Carrann

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0845 TUAIRISGEUL: Sealladh de bhaile A' Phluic, air cladaichean Loch Carrann ann an Taobh Siar Rois. Bhon as e àite brèagha agus tlachdmhor a tha anns A' Phloc bidh an t-uamhas de luchd-turais a' tadhal ann. Tha an cladach air a bhlàthachadh le Struth a' Chamais agus leis an sin tha craobhan pailme a' fàs ri taobh a' chladaich. Anns na 1700an 's e Am Ploc a b' ainm dha agus b' e croitearachd prìomh ghnìomhachas na sgìre. An dèidh Nam Fuadaichean bha an sgìre air a stèidheachadh mar bhaile ùr mu 1794. Ann an 1808, fhuair an t-uachdaran ùr, Sir Uisdean Innes taighean airson nan daoine a chaidh fhuadach. Airson iomadh bliadhna rinn iad am beòshlaint' a' togail shoithichean agus ag iasgach. Ann an 1851 cheannaich Sir Alasdair MacMhathain Oighreachd Loch Aillse agus an dèidh beagan bhliadhnachan thog e Caisteal Dhùn Creige a bha a' coimhead tarsainn a' bhàigh ÀITE: Am Ploc SGÌRE: Taobh an Iar Dheas Rois SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Loch Aillse NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32763 KEYWORDS_GAELIC: