Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0848TUAIRISGEUL:B' e baile beag air a phlanadh a bha sa Phloc an toiseach, air a chàradh airson Iarla Shìphoirt ann an 1794. Chaidh am baile a leasachadh ann an 1801 le Uilleam Cumming airson an ath uachdaran, Sir Ùisdean Aonghais, ach an coisneadh iad a-mach às an fhasgadh a bha sna h-uisgeachan far Loch Carrann agus à gnìomhachas an sgadain a bha gu math soirbheachail. Bha dachaighean sa bhaile cuideachd do luchd-màil air an ruagadh à fearann eile air Oighreachd Loch Aillse. Chaidh an Oighreachd a cheannach sna 1850an le Sir Alasdair MacMhathain, am fear a thog cuideachd Caisteal Dhùin Creige shuas a' coimhead thar a' bhàigh. Tha na togalaichean air Sràid a' Chala, a' chuid as motha dhiubh on naoidheamh linn deug agus air an liostadh, a' lùbadh fad na tràghad, leis na craobhan pailm aig oir an rathaid a tha an-diugh glè aithnichte. Le a shuidheachadh tarraingeach, fasgach, agus mar a tha ruith na mara, Sruth a' Chuain Shiar mu Thuath ga fhàgail le gnàth-shìde glè shocair, tha am Ploc air tionndadh o bhaile iasgaich trang gu àite socair an luchd-turais, air a bhrosnachadh le grunn phrògraman telebhisean air an suidheachadh san sgìre.ÀITE:Am PlocSGÌRE:Taobh an Iar Dheas RoisSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Loch AillseNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32766
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath