Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0861TUAIRISGEUL:Poll-mònach ann am Poll Iùbh, Siorrachd Rois air a' chairt-phuist seo.
Tha am baile, Poll Iùbh, aig ceann Loch Iùbh agus tha aimsir bhlàth ann mar as trice ri linn Sruth a' Chamais. Thòisich Poll Iùbh a' fàs mar bhaile cho fada air ais ri co-dhiù an t-17mh linn. Aig an àm sin bha fùirneis iarainn gus clach-meinnir a leaghadh anns a' bhaile. Ged nach do sheas an gnìomhachas uabhasach fada ri linn gainnead choilltean san sgìre, bha Poll Iùbh fhathast na phrìomh phort air taobh siar na h-Alba. Bha seirbheis puist a' ruith eadar am baile is Steòrnabhagh ro deireadh an 18mh linn agus 's ann gu Pholl Iùbh a bhathar a' cur crodh à Leòdhas is Na Hearadh air an t-slighe gu tìr-mòr.
Thòisich bàta-smùide a' seòladh eadar Poll Iùbh is Na h-Eileanan Siar ann an 1849, agus dà bhliadhna às dèidh sin thàinig leasachadh eile air a' bhaile nuair a chaidh a' chiad rathad a thogail.
An-diugh, tha àite-campachaidh agus taigh-òsta ann am baile brèagha Pholl Iùbh. Tha mòran luchd-turais a' tighinn don sgìre a thadhal air Lios Inbhir Iùbh, air bruthaichean Loch IùbhÀITE:Poll IùbhSGÌRE:GeàrrlochSIORRACHD/PARRAIST:ROS: GeàrrlochNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries - Illustrated postcardsID Maoin:32779KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath