Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0867TUAIRISGEUL:Abhainn Iùbh, Loch Iùbh agus baile Pholl Iùbh. Tha an loch an ìre mhath deich mìle a dh' fhaid agus air a lìonadh le Abhainn Iùbh a tha a' sruthadh bho Loch Ma Ruibhe. Bha Loch Iùbh na ionad-mara aig àm a' chiad agus an dara cogadh.
Tha baile Pholl Iùbh aig ceann Loch Iùbh, agus tha e air a bhlàthachadh le Sruth a' Chamais. Tha am baile a' dol air ais chun an t- 17mh linn. Aig an àm seo bha fùirneis iarainn anns a' bhaile, far am biodh iad a' leaghadh mèinn iarainn. Ged nach do mhair an gnìomhachas seo fada, seach gun robh craobhan gann san sgìre, bha Poll Iùbh fhathast na phrìomh phort air taobh an iar Alba. Bha seirbheis puist a' ruith bhon bhaile gu Steòrnabhagh aig deireadh an 18mh linn agus b' e Poll Iùbh cuideachd an t-àite far am biodh stoc nan dròbhairean a' tighinn bho Leòdhas agus Na Hearadh. Faisg air bha seirbheis bàta-smùide a' ruith bho Pholl Iùbh dha na h-Eileanan Siar. Ann an 1849 agus dà bhliadhna an dèidh sin thàinig tuilleadh adhartais air a' bhaile nuair a chaidh a' chiad rathad a thogail.
An-diugh, tha taigh-òsta agus làrach-campachaidh rim faighinn anns a' bhaile thlachmhor seo. Tha an sgìre a' còrdadh ri luchd-turais oir tha Lios Pholl Iùbh air cladach Loch IùbhÀITE:Poll IùbhSGÌRE:GeàrrlochSIORRACHD/PARRAIST:ROS: GeàrrlochLINN:1930an; 1940anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32785KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath