Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0948TUAIRISGEUL:Rathad grianach (A832) ri taobh Loch Ma-Ruibhe air Taobh Siar Siorrachd Rois. Air an taobh dheas chithear bàtaichean-ràimh agus cidhe. Bhiodh bàtaichean Mhic a' Bhruthainn a' togail dhaoine aig a' chidhe.Tha an loch air cliù a chosnadh airson nam bric gheala as motha ann am Breatainn, agus bidh na h-eileanan, a tha pailt air, a' tarraing mòran de luchd-turais a h-uile bliadhna.
'S e loch fìor-uisg' a th' ann an Loch Ma-Ruibhe anns a bheil dà mhìle dheug a dh'fhaid, bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil ach mu leth mhìle a leud anns a' mhòr-chuid dhen loch. Tha i a' leudachadh gu mu mhìle ann an corra àite agus tha grunn de dh'eileanan beaga innte.
Thathar dhen bheachd gun d'fhuair Loch Ma-Ruibh ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-RuibheÀITE:GeàrrlochSIORRACHD/PARRAIST:ROSLINN:1960anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32870KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath