Loch Ma-Ruibhe agus Sleaghach

Loch Ma-Ruibhe agus Sleaghach

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0950 TUAIRISGEUL: Loch Ma-Ruibhe agus Sleaghach bho àite os cionn Ceann Loch Iùbh air Taobh Siar Siorrachd Rois. Air an taobh dheas tha Abhainn Ceann Loch Iùbh. 'S e loch fìor-uisg' a th' ann an Loch Ma-Ruibhe anns a bheil dà mhìle dheug a dh'fhaid, bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil ach mu leth mhìle a leud anns a' mhòr-chuid dhen loch. Tha i a' leudachadh gu mu mhìle ann an corra àite agus tha grunn de dh'eileanan beaga innte. Thathar dhen bheachd gun d'fhuair Loch Ma-Ruibh ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe. Tha Sleaghach, anns a bheil 3,220 troigh a dh'àirde, na seasamh àrd os cionn a' chladaich an ear-dheas de Loch Ma-Ruibhe. Chan urrainn a streap ach on aon taobh ÀITE: Geàrrloch SIORRACHD/PARRAIST: ROS LINN: 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32872 KEYWORDS_GAELIC: