Loch Ma-Ruibhe

Loch Ma-Ruibhe

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0953 TUAIRISGEUL: Loch Ma-Ruibhe air Taobh Siar Siorrachd Rois. 'S e loch fìor-uisg' a th' ann an Loch Ma-Ruibhe anns a bheil dà mhìle dheug a dh'fhaid, bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil ach mu leth mhìle a leud anns a' mhòr-chuid dhen loch. Tha i a' leudachadh gu mu mhìle ann an corra àite agus tha grunn de dh'eileanan beaga innte. Thathar dhen bheachd gun d'fhuair Loch Ma-Ruibh ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe ÀITE: Geàrrloch SIORRACHD/PARRAIST: ROS LINN: 1940an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32875 KEYWORDS_GAELIC: