Gleann Seile

Gleann Seile

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0974 TUAIRISGEUL: Gleann Seile ann an Siorrachd Rois an Iar. Tha deich mìle a dh' fhaid ann an Gleann Seile, bho Loch Dubhthaich gu Gleann Cluainidh. Tha an gleann na phàirt de Rathad nan Eilean agus tha grunn de bheanntan àrda ann. Tha na beanntan ris an canar Còig Peathraichean Chinn t-Sàile rim faicinn ann an ceann a tuath Gleann Seile, agus gu deas tha beanntan nas àirde na 3000 troigh mar eisimpleir Creag nan Damh, Sgùrr an Lochain, Sgùrr na Sgine agus an Diollaid. 'S e A’ Bheinn Mhòr an t-ainm tùsail Gàidhlig. 'S ann air an 10mh là dhen Òg-mhios 1719, a bha Blàr Gleann Seile anns a' ghleann seo le caidreachas anns an robh Seumasaich Ghàidhealach agus Spàinntich, a' strì an aghaidh shaighdearan le Riaghaltas Bhreatainn. B' e arm a' Riaghaltais aig an robh a' bhuaidh ÀITE: Gleann Seile SIORRACHD/PARRAIST: ROS CREATOR (AV): J Valentine & Co. NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32895 KEYWORDS_GAELIC: