Abhainn Seile agus Gleann Seile, Taobh Siar  Siorrachd Rois

Abhainn Seile agus Gleann Seile, Taobh Siar Siorrachd Rois

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0979 TUAIRISGEUL: Abhainn Seile agus Gleann Seile ann an Taobh Siar Siorrachd Rois. Tha trì mìle a dh' fhaid ann an Abhainn Seile a tha tòiseachadh an Loch Seile agus a' tighinn gu ceann an Loch Mùideart. Tha luchd-turais gu math dèidheil air Gleann Seile a tha na phàirt de Rathad nan Eilean, agus anns a' bheil grunn de bheanntan àrd. Tha na beanntan ris an canar Còig Peathraichean Chinn Tàile rim faicinn ann an ceann a tuath Gleann Seile, agus gu deas tha beanntan nas àirde na 3000 troigh mar eisimpleir Creag nan Damh, Sgùrr an Lochain, Sgùrr na Sgine agus an Diollaid. 'S ann air an 10mh là dhen Òg-mhios 1719, a bha Blàr Gleann Seile anns a' ghleann seo le caidreachas anns an robh Seumasaich Ghaidhealach agus Spàinntich, a' strì an aghaidh shaighdearan le Riaghaltas Bhreatainn. B' e arm a' Riaghaltais aig an robh buaidh. ÀITE: Gleann Seile SIORRACHD/PARRAIST: ROS LINN: 1940an; 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32900 KEYWORDS_GAELIC: