Seallaidhean de dh'Inbhir Ghòrdain, Taobh Sear Rois
Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1023TUAIRISGEUL:Tha a' chairt seo a' sealltainn grunn dhealbhan de dh'Inbhir Ghòrdain, ann an Taobh Sear Rois. Gu h-àrd air an taobh chlì tha Caisteal Inbhir Ghòrdain, a bha aig aon àm mu mhìle tuath air baile Inbhir Ghòrdain. Chaidh a dhealbhachadh leis an Dotair Alasdair Ros do Leòdaich Chathaboil. Thogadh e ann an 1872 air làrach caisteil na bu shine a chaidh a losgadh gu làr. Ann an 1928, dh'òrdaich Sir Uilleam Martineau, fear Chinn na Creige, aig an robh an caisteal, gun rachadh a leagail, air sgàth gu robh na fiachan aige a' dol am meud.
Tha an dealbh a tha gu h-àrd anns a' mheadhan a' sealltainn na h- Eaglaise Saoire Aonaichte aig mullach Rathad a' Chaisteil. Thogadh i ann an 1861, agus 's ann aig Eaglais na h-Alba a tha an togalach an-diugh. Gu h-ìosal air an taobh dheas tha sealladh de dh'Àrd Shràid Inbhir Ghòrdain. 'S e Talla agus Taigh-Cluiche Inbhir Ghòrdain a th' anns an togalach ghrinn air an taobh chlì dhen dealbhÀITE:Inbhir GhòrdainSGÌRE:Inbhir GhòrdainSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Ros CuithneNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries - Illustrated postcardsID Maoin:32944KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath