Seallaidhean de Inbhir Ghòrdain

Seallaidhean de Inbhir Ghòrdain

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1028 TUAIRISGEUL: Grunn sheallaidhean de bhaile Inbhir Ghòrdain ann an Taobh Sear Rois. Tha an dà shealladh gu h-àrd a' sealltainn a' phromanàd agus an tràigh. Is e an t-amar snàmh aon de na goireasan a chithear an seo gu h-àrd air an làimh dheis. Air fàire chithear Suirighean Chrombaigh, dà chreig ag èirigh a-mach às an linne a' cumail dìon air beul na h-acarsaid. Tha an sealladh sa mheadhan a' sealltainn Sràid Àrd Inbhir Ghòrdain, le Fuaran Rìgh Èideaird stèidhte ann am meadhan an rathaid. Air a thaisbeanadh le bean a' Phròbhaist ann an 1904, chaidh am fuaran a mhaoineachadh le Comann nan Goireasan, a chomharrachadh an tadhal a rinn an Rìgh Èideard VIII air Inbhir Ghòrdain ann an 1902. Tha an sealladh aig a' bhonn a' sealltainn Cidhe na Cabhlaich agus an Cabhlach Rìoghail a' tighinn a-steach do Linne Chrombaigh. Tha fagasachd Inbhir Ghòrdain air an Linne Chrombaigh a' ciallachadh gu bheil e na shàr acarsaid do shoithichean. Tha na ceanglaichean a tha aig an àite ris a' Chabhlaich Rìoghail a' dol air ais chun an naoidheamh linn deug agus san 20mh linn bha e air a dhearbhadh mar champa oifigeil, agus iomadach uair a' toirt aoigheachd do Chabhlach Bhreatainn. Aig àm a' Chiad Chogaidh, ghlèidh Inbhir Ghòrdain inbhe mar champa chabhlachail, a' solarachadh connadh agus bùrn dhan Chabhlach Rìoghail. Dhùin an campa cabhlachail ann an Inbhir Ghòrdain mu dheireadh thall ann an 1956 ÀITE: Inbhir Ghòrdain SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Ros Cuithne CREATOR (AV): J Valentine & Co. LINN: 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 32949 KEYWORDS_GAELIC: