Eaglais Shaor Aonaichte Inbhir Ghòrdain

Eaglais Shaor Aonaichte Inbhir Ghòrdain

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1049 TUAIRISGEUL: Sealladh air Eaglais Shaor Aonaichte Inbhir Ghòrdain, air Rathad a' Chaisteil. Chaidh an eaglais a thogail ann an 1861agus an-diugh 's e Eaglais na h-Alba a th' innte. Chaidh baile Inbhir Ghòrdain ainmeachadh air Sir Uilleam Gòrdan o Eurabol, fear a rugadh ann an Gallaibh. Cheannaich esan an oighreachd san 18mh linn. Roimhe sin 's e an t-ainm Inbhir Bhreacaidh (Inverbreakie) a bh' air a' bhaile. Ged a b' e Sir Uilleam a rinn na planaichean airson a' bhaile ùir, b' e a mhac, Sir Iain, a thug na planaichean gu buil. Ach cha b' ann gus an deach an oighreachd a-steach gu seilbh teaghlach MhicLeòid o Chathabul, no Cadboll, gun deach cala a thogail ann agus a thòisich am baile a' fàs gu luath. ÀITE: Inbhir Ghòrdain SGÌRE: Inbhir Ghòrdain SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Ros Cuithne LINN: 1910an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries - Illustrated Postcards ID Maoin: 32970 KEYWORDS_GAELIC: