Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1063TUAIRISGEUL:long-chogaidh ann an Linn Chrombaidh. Tha fagasachd Inbhir Ghòrdain air an Linne Chrombaidh a' ciallachadh gu bheil e na shàr acarsaid do shoithichean. Tha na ceanglaichean a tha aig an àite ris a' Chabhlaich Rìoghail a' dol air ais chun an naoidheamh linn deug agus san 20mh linn bha e air a dhearbhadh mar champa oifigeil, agus iomadach uair a' toirt aoigheachd do Chabhlach na Dùthcha. Aig àm a' Chogaidh Mhòir ghleidh Inbhir Ghòrdain inbhe mar champa chabhlachail, a' solarachadh connadh agus uisge don Chabhlach Rìoghail.
Chithear na tancaichean connaidh is uisge anns a' chairt-phuist bhon mheadhan don taoibh dheis. Ann an 1941, leig plèana Gearmailteach bomaichean air Ionad Tancaichean Seabank agus bhuail boma gu dìreach air tanca 13. Dhòrt ola bhon tanca don rathad-iarann faisg air làimh agus do Linn Chrombaidh. Dhùin an campa cabhlachail ann an Inbhir Ghòrdain mu dheireadh thall ann an 1956ÀITE:Inbhir GhòrdainSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Ros CuithneLINN:1920an; 1930anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:32984KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath