Dearbh-aithne:QZP40_CARD_1094TUAIRISGEUL:Sealladh air Taigh-òsta Cheann Loch Iùbh agus air Beinn Eighe. Chithear Abhainn Cheann Loch Iùbh is Drochaid Cheann Loch Iùbh cuideachd ris an aghaidh. Chaidh an taigh-òsta a thogail mu 1800, gus am biodh àite-fuirich ann don fheadhainn a bhiodh a' siubhal air rathad na dròbha ri a thaobh. Tha an taigh-òsta fhathast a' dol an-diugh.
Tha Beinn Eighe na pàirt de bheanntan Bheinn Eighe agus de bheanntan Thoirbheartan, fear de na raointean mhullaichean as àirde ann am Breatainn. Tha beanntan Thoirbheartan air an dèanamh à seòrsa de chllach-gainmhich air a bheil clach-gainmhich Thoirbheartan agus seo ainmean nam beanntan: Liathach, Beinn Eighe, Beinn Ailiginn agus Beinn Dearg. 'S e Liathach an tè as àirde dhiubh agus tha i ag èirigh gu àirde 3500 troighean bho na lochan mara.
Tha beanntan Bheinn Eighe air an suidheachadh air taobh a tuath Ghleann Thoirbheartan agus tha iad a' sgaoileadh thar astar nas motha na 10cil. Tha dhà de na mullaichean air an clàradh nan Rothaich. Ann an 1951 's e Beinn Eighe a' chiad Tèarmann Nàdair Nàiseanta a chaidh ainmeachadh ann am BreatainnÀITE:Ceann Loch IùbhSGÌRE:GeàrrlochSIORRACHD/PARRAIST:ROS: GeàrrlochCREATOR (AV):J Valentine & Co.NEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:33014KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath