Caol Loch Aillse agus Caol Àcain

Caol Loch Aillse agus Caol Àcain

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1110a TUAIRISGEUL: Caol Loch Aillse agus Caol Àcain. Tha seirbheis aiseig air choireigin air a bhith a' ruith eadar an Caol is Caol Àcain co-dhiù on 19mh linn. Dh'fhàs àireamh an luchd-fuirich agus àireamh an luchd-turais gu mòr an dèidh don rèile tighinn thuige ann an 1897. Gu ruig meadhan nan 1930an, cha ghabhadh ach aon chàr aig an aon àm a thoirt thairis air a' chaolas. Sna 1950an bha na h-aiseagan eadar an Caol is Caol Àcain a' ruith bho 8.00am gu 8.45f on Dàmhair gu ruig an Giblean agus bho 8.00am gu 9.45f on Chèitein gu ruig an t-Sultain. Bha iad a' dol fad na bliadhna, ach a-mhàin air Là na Sàbaid nuair nach robh aiseag idir ann. Ann an 1956 chosg e, airson càr a dhol ann 's air ais, 16/-. An-diugh chan eil an t-aiseag idir a' ruith mar thoradh air togail drochaid an Eilein Sgitheanaich, a tha a' ceangal an eilein ri tìr-mòr ÀITE: Caol Loch Aillse SGÌRE: Taobh an Iar Dheas Rois SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Loch Aillse CREATOR (AV): J Valentine & Co. DEIT: 1900an; 1910an LINN: 1900an; 1910an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33031 KEYWORDS_GAELIC: