An Seòmar Pumpaidh, Srath Pheofhair

An Seòmar Pumpaidh, Srath Pheofhair

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_1111 TUAIRISGEUL: Seòmar Phumpaidh ann an Srath Pheofhair. Tha sreath de cholbhan le mullach mòr, boghach, glainne a' dol timcheall air an togalach chloiche air a bheil dà thùr, aon dhiubh binneanach, agus am fear eile cearnagach, agus le cleoc. Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil) an iar air Inbhir Pheofharain ann an gleann Abhainn Pheofharain. Dh'fhàs e cliùiteach air sgàth gun do lorgadh fuarain phronnaisg ann anns na 1770an. Aig toiseach an 19mh linn, dh'ìnnis fear à siorrachd Obar Dheathain, dham b' ainm an Dotair Moireasdan, mun chumhachd leighis aig an uisge, agus air sgàth a chomhairle, thogadh a' chiad sheomar-pumpaidh de dh' fhiodh ann an 1819. Bha e ann an ceàrnaig a' bhaile, 's leig e le daoine an t-uisge a chleachdadh ann an grunn dhòighean. An toiseach, bha siuga no dhà ann gus an t-uisge òl, agus amair shìmplidh de chopair. Ann an 1861, thogadh seòmar-pumpaidh làidir cloiche an àite nan togalach fiodha; thogadh seòmraichean-ionnlaid ùra, agus an ceann deich bliadhna thogadh "Amar nam Mnathan". Le taic mhòr bho Bhan-Iarla Chrombaidh, dh'fhàs Srath-Pheofhair mar Spà Bhictòrianach. Chuidich e gu mòr gun do dh'fhosgail meur Srath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich ann an 1885. Thogadh iomadh taigh-òsta spaideil agus taigh mòr Bhictòrianach a ghabhadh an luchd-turais a bha a' tighinn gu cunbhalach air sgàth an uisge. Leig na goireasan leasaichte le Srath Pheofhair a bhith ann am farpais ri bailtean spàtha eile ann am Breatann agus anns an Roinn Eòrpa. Gu àm a' chiad chogaidh, bhiodh mòran a' tighinn dhan bhaile, ach an dèidh sin cha robh uimhir de dh' ùidh ann. Leagadh am prìomh Sheòmar-Pumpaidh anns na 1950an, ach tha an Seòmar Pumpaidh Àrd, a tha ri taobh a' Phàillein, ann fhathast. Tha taisbeanadh ann a-nis a tha ag innse eachdraidh an Spàtha, agus faodaidh luchd-turais an t-uisge fheuchainn. Tha luchd-turais a-rithist a' tighinn gu Srath Pheofhair, agus bidh luchd-turais a' fuireach anns na taighean-òsta agus taighean-aoigheachd Bhictorianach. Am measg nan goireasan eile anns a' bhaile, tha raon-goilf brèagha, Taigh-tasgaidh na Cloinne agus Pàillean Spà Srath Pheofhair ÀITE: Srath Pheofhair SGÌRE: Inbhir Pheofharain SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Fothraitidh NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 33032 KEYWORDS_GAELIC: